Bile nan Cànan Albannach / Scottish Languages Bill (Gàidhlig - suirbhidh goirid)

Closes 8 Mar 2024

Opened 22 Jan 2024

Overview

Tha am Bile seo a’ toirt inbhe oifigeil don Ghàidhlig agus Scots ann an Alba, agus a’ dèanamh atharrachaidhean air an taic a gheibh a’ Ghàidhlig agus Scots ann an Alba. Tha seo a’ gabhail a-steach atharrachaidhean co-cheangailte ri foghlam Gàidhlig agus Scots.

Faigh a-mach barrachd mun Bhile

Bu toil le Comataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Òga do bheachdan fhaighinn air a’ Bhile.

Mar a chuireas tu do bheachdan a-steach

Cuir a-steach do bheachdan anns an t-suirbhidh ghoirid, ceangailte gu h-ìosal.

No, airson do bheachdan air a’ Bhile a cho-roinn ann an dòigh nas mionaidiche, tadhail air a’ ghairm bheachdan mionaideach againn.

Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan sgrìobhte ann am Beurla, Gàidhlig, Scots no cànan sam bith eile, BSL nam measg.

Thoir an aire – ged a chaidh gach oidhirp a dhèanamh gus susbaint na co-chomhairle seo eadar-theangachadh, tha beagan eileamaidean ann a dh’fhaodadh nochdadh sa Bheurla. Tha seo air adhbharan teicnigeach seach mar mhearachd eadar-theangachaidh.

Tha an gairm bheachdan a’ dùnadh air 8 Màrt 2024.

Mar a làimhsicheas sinn do bheachdan

Thèid dèiligeadh ri beachdan sam bith don Chomataidh a rèir an t-sanais prìobhaideachd againn.

Thèid tagraidhean sam bith a gheibhear sa Ghàidhlig fhoillseachadh sa Ghàidhlig, còmhla ri eadar-theangachadh Beurla.

Thèid tagraidhean sam bith a gheibhear ann an Scots fhoillseachadh anns an riochd san d’ fhuaras iad.

Cha tèid tagraidhean a gheibhear tron t-suirbhidh nas giorra a cheangal ri daoine fa-leth. An àite sin, thèid aithisg gun ainmean a’ toirt geàrr-chunntas air na prìomh chuspairean ullachadh agus a luchdachadh suas gu làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

Interests

  • ECYP