Bile nan Cànan Albannach: Meòrachan Ionmhais

Closes 1 Mar 2024

Opened 23 Jan 2024

Overview

Mun Bhile

Tha am Bile seo a' toirt inbhe oifigeil don Ghàidhlig agus Scots ann an Alba, agus a' dèanamh atharrachaidhean air an taic a gheibh a' Ghàidhlig agus Scots ann an Alba. Tha seo a’ gabhail a-steach atharrachaidhean co-cheangailte ri foghlam Gàidhlig agus Scots.

An Ìre aig a bheil am Bile an-dràsta

Chaidh am Bile seo a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba le Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean air 29 Samhain 2023.

Leugh agus faigh a-mach barrachd mun Bhile: Bile nan Cànan Albannach.

Ìre 1

Chaidh Comataidh Foghlam, Clann agus Òigridh ainmeachadh mar a’ phrìomh Chomataidh airson a’ Bhile. Cuiridh a’ phrìomh Chomataidh a-mach gairm bheachdan sònraichte airson ullachaidhean poileasaidh a’ Bhile an ceann ùine agus thèid fhoillseachadh air an ùrlar co-chomhairle seo.

Meòrachan Ionmhais

Coltach ris a h-uile Bile eile, tha Comataidh Ionmhas is Rianachd Phoblach a’ sireadh fianais sgrìobhte air a’ bhuaidh ionmhasail a thathar a’ meas a bhios aig a’ Bhile mar a tha ga mhìneachadh sa Mheòrachan Ionmhais (FM) na chois.

Leugh am Meòrachan Ionmhais a chaidh fhoillseachadh an cois a’ Bhile seo.

A' cur Tagradh a-steach

Mus cuir thu tagradh a-steach, leugh ar n-Aithris Prìobhaideachd mu bhith a’ cur do bheachdan gu Comataidh. Innsidh seo dhut mar a làimhsicheas sinn dàta pearsanta.

Thoir fa-near, sa mhòr-chuid de chùisean, gun tèid an tagradh agad fhoillseachadh air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba agus gum faod e a bhith air ainmeachadh ann an aithisg na Comataidh no ann an coinneamhan Comataidh (a bhios poblach agus air an craoladh).

Cleachd an Ceisteachan airson do thagradh a chur a-steach:

1. An do ghabh thu pàirt ann an eacarsaich co-chomhairle sam bith ron Bhile agus, ma ghabh, an tug thu beachd air na barailean ionmhasail a chaidh a dhèanamh?

2. Ma tha e buntainneach, a bheil thu a’ creidsinn gu bheil do bheachdan air na barailean ionmhasail gan nochdadh gu ceart san FM?

3. An robh ùine gu leòr agad airson cur ris a’ cho-chomhairle?

4. Ma tha buaidh ionmhasail sam bith aig a’ Bhile ort fhèin no air a’ bhuidhinn agad, a bheil thu a’ creidsinn gu bheil iad gan nochdadh gu ceart san FM? Mura h-eil, innis ciamar.

5. A bheil thu den bheachd gu bheil na tuairmsean air cosgaisean agus sàbhalaidhean gam mìneachadh san FM reusanta agus ceart?

6. Ma tha e buntainneach, a bheil thu riaraichte gun urrainn don bhuidhinn agad cosgaisean ionmhasail sam bith a thigeadh orra mar thoradh air a’ Bhile a phàigheadh? Mura h-eil, ciamar a tha thu a’ smaoineachadh a bu chòir na cosgaisean sin a phàigheadh?

7. A bheil an FM a’ nochdadh gu ceart mì-chinnt co-cheangailte ri cosgaisean tuairmseach a’ Bhile agus leis na raointean-ama air am biodh dùil gun èiricheadh iad?

Is e an ceann-latha airson do bheachdan a chur a-steach: Dihaoine 1 Màrt 2024.

Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan sgrìobhte ann am Beurla, Gàidhlig, Scots no cànan sam bith eile. Air sgàth na h-ùine a dh’fheumar airson fianais a phròiseasadh agus a sgrùdadh, cha ghabhar ri tagraidhean fadalach ach le aonta Clàrc na Comataidh.

Interests

  • FPA