Rannsachadh air slighean agus taic ADHD agus ASD

Closes 18 Aug 2025

Opened 17 Jul 2025

Overview

Rannsachadh air slighean agus taic ADHD agus ASD 

Tha Comataidh na Slàinte, Cùram Sòisealta agus Spòrs a’ dèanamh rannsachadh air slighean agus taic Eas-òrdugh Easbhaidh Aire agus An-fhois (ADHD) agus Eas-òrdugh Speactram Òtasaim (ASD). 

Tha an rannsachadh ag amas air:    

  • Tuigsinn carson a tha, a rèir aithris, amannan feitheimh airson dearbhadh agus riaghladh ADHD agus ASD cho fada, agus carson a tha iarrtas a’ sìor fhàs; 
  • Tuigsinn mar a thèid na h-eas-òrdughan seo a dhearbhadh agus a riaghladh;
  • Sgrùdadh a dhèanamh air buaidh iarrtas àrd agus dàil air daoine fa leth agus air luchd-obrach cùram-slàinte;  
  • Fuasglaidhean a rannsachadh gus comas sheirbheisean, slighean leigheis agus taic a leasachadh.

Tha ADHD agus ASD le chèile nan eas-òrdughan niùro-leasachaidh. 

Mu ADHD 

Is iad feartan ADHD duilgheadas le cuimseachadh inntinn, an-fhois agus giùlan bras. Tha e a’ toirt buaidh air timcheall air 5% de chlann aois sgoile, agus eadar 2.5% agus 4% de dh’inbhich.

Mu ASD

Is e eas-òrdugh leasachaidh fad-beatha a th’ ann an ASD a bheir buaidh air mar a bhios neach a’ conaltradh, ag eadar-obrachadh agus a’ dèiligeadh ri fiosrachadh.  Gu tric tha e air a chomharrachadh le duilgheadasan sòisealta agus conaltraidh agus le giùlan ath-aithriseach. Tha tuairmsean làithreach a’ nochdadh gu bheil mu 1 às gach 34 neach le òtasam, agus tha sin dìreach fo 3% den t-sluagh.

Gairm fianais 

Tha a’ Chomataidh airson cluinntinn bho dhaoine fa leth, no bho na teaghlaichean aca, aig a bheil eòlas air ADHD no ASD agus na slighean gu leigheas agus taic airson nan suidheachaidhean slàinte sin. Tha sinn cuideachd airson cluinntinn bho dhaoine a tha ag obair a’ toirt taic dhaibhsan le ADHD no ASD.

Tha sinn airson cluinntinn mu eòlas pearsanta, a’ gabhail a-steach cùisean co-cheangailte ri dearbhadh, amannan feitheimh agus cothrom air cùram agus taic. Tha sinn cuideachd airson cluinntinn ma chaidh gu math le daoine, agus eisimpleirean de dheagh chleachdadh a dh’fhaodte a chur an sàs air feadh NHS na h-Alba.

Is e an ceann-latha airson do bheachdan a chur a-steach 11.59f air Diluain 18 Lùnastal 2025. 

Bheir na beachdan a chruinnicheas sinn fiosrachadh don rannsachadh againn air na cùisean cudromach seo agus bheir iad fiosrachadh luachmhor do bhuill na Comataidh a chleachdas iad nuair a bhios iad a’ ceasnachadh buidhnean taice, solaraichean cùram-slàinte agus Riaghaltas na h-Alba ann an seiseanan fianais san àm ri teachd.

Tapadh leat airson do bheachdan.

Mar a dh’innseas tu do bheachd dhuinn 

Faodaidh tu na freagairtean agad innse dhuinn tron làrach-lìn Your Priorities: https://engage.parliament.scot/group/31500

Chithear na ceistean a tha gam faighneachd air Your Priorities gu h-ìosal.   
Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan ann am Beurla, Gàidhlig, Scots no cànan sam bith eile.

Leugh an aithris prìobhaideachd againn airson làn fhiosrachadh air dè thachras don fhiosrachadh pearsanta agad:

www.parliament.scot/about/information-rights/data-protection/privacy-notices/committees-submitting-your-views-to-committees-using-your-priorities

Ceistean tòiseachaidh

Dè an roghainn as fhaisge air an t-suidheachadh agad? 

  • Fhuair mi dearbhadh ADHD, a’ feitheamh ri leigheas no taic 
  • Fhuair mi dearbhadh ADHD, a’ faighinn leigheas no taic 
  • Fhuair mi dearbhadh ASD, a’ feitheamh ri leigheas no taic 
  • Fhuair mi dearbhadh ASD, a’ faighinn leigheas no taic 
  • A' feitheamh air dearbhadh 
  • Ball teaghlaich no neach-cùraim cuideigin a tha a’ sireadh dearbhadh, leigheas no taic 
  • Tha mi an sàs ann a bhith a’ toirt seachad dearbhadh, leigheas no taic do dhaoine le ADHD no ASD

Dè an aois a tha thu? 

  • Fo 16 
  • 16-24 
  • 25-39 
  • 40-54 
  • 55-64 
  • 65 agus nas sine 
  • B’ fheàrr leam gun a ràdh 

Gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ ruighinn dhaoine bho air feadh na h-Alba, nach innis thu a’ chiad leth den chòd-puist agad m.e. EH99. 

Am bu toil leat puist-d fhaighinn bhon Chomataidh leis an fhios as ùr air a’ cheist seo? 

  • Bu toil 
  • Cha bu toil 

Mar a chuireas tu do bheachdan a-steach

Cuir a-steach do bheachdan a’ cleachdadh an fhoirm air-loidhne, a tha ceangailte gu h-ìosal.

Dùinidh a’ ghairm bheachdan air 18/08/2025.

Interests

  • HSCS