National Planning Framework (NPF4)

Closes 10 Jan 2022

Opened 17 Nov 2021

Overview

The Scottish Government has published its fourth National Planning Framework (NPF4).  It sets out how your places and environments will be planned and designed in the years to come.

Read the NPF4

Send us your views on the draft NPF4 

Committees want to hear your views on how space, land and environments in Scotland should be designed and planned. They want to know: 

  • What does your ideal home look like and what surrounds it?

  • How can we design our environments to address climate change?

  • How do you use space to stay healthy and well?

  • How can planning encourage people to live in rural areas?

  • How can land and spaces best promote equality?

  • How can we use land and spaces to meet biodiversity targets?

They want to know your priorities for your environment and whether NPF4 will deliver this.

Key areas of interest are: 

  • whether consultation during the preparation of the NPF4 was acceptable

  • the extent to which the NPF4:

    • meet housing needs, particularly those of older people and disabled people
    • support efforts to meet greenhouse gas emissions targets

    • improve health and wellbeing

    • repopulate rural areas

    • improve equality

    • secure "positive effects for biodiversity"

  • interaction with other Scottish Government strategies and targets 

  • conflicts between outcomes and how these conflicts will be managed

You will be asked for your comments on the above in relation to the different areas of the framework: 

  • National Spatial Strategy (including each Action Area) 
  • National Developments (including comment on each national development) 
  • National Planning Policy (including comment on each policy of which there are 35) 
  • Delivery 
  • Annexes (comment on each) 

Foir-shealladh 

Tha Riaghaltas na h-Alba air an Ceathramh Frèam Dealbhaidh Nàiseanta (NPF4) aige fhoillseachadh. Tha e a’ nochdadh mar a thèid na h-àiteachan is an àrainneachd agad a dhealbhadh anns na bliadhnaichean ri teachd.

Faodaidh tu am Frèam a leughadh an seo.

Cuir thugainn do bheachdan air dreachd NPF4 

Tha comataidhean ag iarraidh do bheachdan a chluinntinn air mar a bu chòir gum biodh àite, fearann agus àrainneachd ann an Alba a bhith air an dealbhadh. Tha iad ag iarraidh faighinn a-mach— 

  • Cò ris a tha an taigh a b’ fheàrr leat coltach agus dè tha mun cuairt air?
  • Ciamar as urrainn dhuinn an àrainneachd againn a dhealbhadh gus aghaidh a chur air atharrachadh na gnàth-shìde?
  • Ciamar a chleachdas tu àite gus a bhith slàn fallain?
  • Ciamar a bheir dealbhadh brosnachadh do dhaoine fuireach a-muigh air an tuath?
  • Ciamar as fheàrr a chuireas fearann is àiteachan co-ionannachd air adhart?
  • Ciamar as urrainn dhuinn fearann is àiteachan a chleachdadh gus amasan bith-eugsamhlachd a choileanadh?

Tha iad ag iarraidh faighinn a-mach dè na prìomhachasan a th’ agad airson na h-àrainneachd agad agus an toir NPF4 seo gu buil.

Raointean bunaiteach anns a bheil ùidh :

  • An robh an comhairleachadh ri linn ullachadh NPF4 math gu leòr; 
  • An ìre dhan dèan NPF4 na leanas— 
    • feumalachdan a thaobh taigheadais a choileanadh, gu sònraichte aig daoine nas sine agus daoine air a bheil ciorram; 
    • taic a chur ri oidhirpean amasan a thaobh eimiseanan gas nan taighean-glainne a choileanadh; 
    • leasachadh a thoirt air slàinte is sunnd; 
    • sluagh a thoirt air ais gu sgìrean air an tuath; 
    • leasachadh a thoirt air co-ionannachd; agus 
    • "buaidhean deimhinneach airson bith-eugsamhlachd" fhaighinn. 
  • Eadar-ghnìomhachadh le ro-innleachdan is amasan eile aig Riaghaltas na h-Alba 
  • Strì eadar toraidhean agus mar a thèid an strì seo a rianachd

Is e an ceann-là deireannach airson nam beachdan Diluain 10 Faoilleach 2022.

Thathar a’ toirt cuireadh dhut aon fhreagairt a thoirt air a’ ghairm airson bheachdan. 

Thèid na beachdan air na diofar raointean den fhrèam gu h-àrd iarraidh ort:

  • Ro-innleachd Nàiseanta mu Àiteachan (a’ gabhail a-steach gach raon-gnìomha)
  • Leasachaidhean Nàiseanta (le beachdan air gach leasachadh nàiseanta)
  • Poileasaidh Nàiseanta mu Dhealbhadh (le beachdan air gach poileasaidh, a tha 35 dhiubh ann)
  • Lìbhrigeadh
  • Leas-phàipearan (beachdan orra uile)

Cuir do bheachdan a-steach dhan fhoirm bheachdan air an duilleag seo.

Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan ann am Beurla, Gàidlhig, Scots no cànan sam bith eile.

Is e an latha mu dheireadh airson beachdan Diluain 10 Faoilleach 2022

CEISTEAN AIRSON NAN COMATAIDHEAN

Comhairleachadh agus leasachadh air dreachd NPF4

Nach toir thu na beachdan agad air comhairleachadh is leasachadh NPF4 agus mar a tha seo air cur ris an dreachd

Dreachd NPF4

Nach toir thu do bheachdan air

  • riochd na sgrìobhainn
  • Toirt a-steach Poileasaidh Dealbhaidh na h-Alba agus freagarrachd na sgrìobhainn anns an fharsaingeachd mar threòrachadh

Earrann 1 – Ro-innleachd Nàiseanta mu Àiteachan airson Alba 2045

Dè do bharail air a h-uile gin de na mìrean a leanas den ro-innleachd agus dè an ìre dhan dèan iad mar a leanas:

    • feumalachdan a thaobh taigheadais a thoirt a-mach, gu sònraichte aig daoine nas sine agus daoine air a bheil ciorram; 
    • taic a chur ri oidhirpean amasan a thaobh brùchdadh gas nan taighean-glainne a thoirt a-mach; 
    • leasachadh a thoirt air slàinte is sunnd; 
    • sluagh a thoirt air ais gu sgìrean air an tuath; 
    • leasachadh a thoirt air co-ionannachd; agus 
    • "buaidhean deimhinneach airson bith-eugsamhlachd" fhaighinn
    • Eadar-ghnìomhachadh le ro-innleachdan eile aig Riaghaltas na h-Alba
    • Strì a chruthachadh le toraidhean eile agus cur an cèill mar a thèid an strì seo a rianachd

 

  • Àiteachan Seasmhach
  • Àiteachan sam Faodar Fuireach
  • Àiteachan Torach
  • Àiteachan Air Leth
  • Prionnsapalan a thaobh àiteachan airson Alba 2045
  • Raointean-gnìomha airson Alba 2045
    • Ùrachadh air costa a tuath si an iar
    • Ath-bheothachadh a’ chinn a tuath
    • Eadar-ghluasad a’ chinn an ear-thuath
    • Atharrachadh bailtean a’ mheadhain
    • Seasmhachd sa cheann a deas
  • Beachdan sam bithe eile air an Ro-innleachd Nàiseanta mu Àiteachan
  • Beachdan sam bith eile air na Raointean-gnìomha airson Alba 2045

Earrann 2 – Leasachaidhean Nàiseanta

Thoir do bheachd air na leasachaidhean air an ainmeachadh mar Leasachaidhean Nàiseanta ann an NPF4. An e na prìomhachasan iomchaidh a th’ annta seo agus dè an ìre dhan dèan iad mar a leanas: 

    • feumalachdan a thaobh taigheadais a thoirt a-mach, gu sònraichte aig daoine nas sine agus daoine air a bheil ciorram; 
    • taic a chur ri oidhirpean amasan a thaobh brùchdadh gas nan taighean-glainne a thoirt a-mach; 
    • leasachadh a thoirt air slàinte is sunnd; 
    • sluagh a thoirt air ais gu sgìrean air an tuath; 
    • leasachadh a thoirt air co-ionannachd; agus 
    • "buaidhean deimhinneach airson bith-eugsamhlachd" fhaighinn
    • Eadar-ghnìomhachadh le ro-innleachdan eile aig Riaghaltas na h-Alba
    • Strì a chruthachadh le toraidhean eile agus cur an cèill mar a thèid an strì seo a rianachd
       
  • Lìonra Uaine Meadhan na h-Alba
  • Lìonra Nàiseanta Coiseachd, Rothaireachd agus Cuibhlearachd
  • Lìonraidhean nam Bailtean-mòra/Còmhdhail Luath (Obar Dheathain, Dùn Èideann, Glaschu)
  • Fuasglaidhean drèanaidh Seasmhach Gorma is Uaine
  • Goireasan-rianachd Stuth na h-Eaconamaidh Chearcallach
  • Lìonra nam Freumhagan Digiteach
  • Ionad sna h-Eileanan airson Neoni Lom
  • Raointean-trasnaidh Uaine Gnìomhachail
  • Stòras-uisge air a Thaosgadh
  • Maoin Ro-innleachdail Bhaile Mhic an t-Sealgair
  • Ath-leasachadh Stèisean-cumhachd Chrois na Cille
  • Bun-structar Gineadh agus Tar-chur Dealain Ath-nuadhachaidh
  • Rèile aig Astar
  • Misean Chluaidh
  • Cala Obar Dheathain
  • Beul na Mara Dhùn Deagh
  • Beul na Mara Dhùn Èideann
  • Bealach na Sròine Reamhaire

Beachdan sam bith eile air Leasachaidhean Nàiseanta

Earrann 3 – Poileasaidh Dealbhaidh Nàiseanta

Thoir do bheachd air na poileasaidhean fo gach raon-poileasaidh. An e na prìomhachasan iomchaidh a th’ annta seo agus dè an ìre dhan dèan iad mar a leanas:

    • feumalachdan a thaobh taigheadais a thoirt a-mach, gu sònraichte aig daoine nas sine agus daoine air a bheil ciorram; 
    • taic a chur ri oidhirpean amasan a thaobh brùchdadh gas nan taighean-glainne a thoirt a-mach; 
    • leasachadh a thoirt air slàinte is sunnd; 
    • sluagh a thoirt air ais gu sgìrean air an tuath; 
    • leasachadh a thoirt air co-ionannachd; agus 
    • "buaidhean deimhinneach airson bith-eugsamhlachd" fhaighinn
    • Eadar-ghnìomhachadh le ro-innleachdan eile aig Riaghaltas na h-Alba
    • Strì a chruthachadh le toraidhean eile agus cur an cèill mar a thèid an strì seo a rianachd
       
  • Poileasaidh 1: Dòigh-dèiligidh ga stiùireadh le dealbhadh mu leasachadh seasmhach
  • Poileasaidh 2: Èiginn na gnàth-shìde
  • Poileasaidh 3: Èiginn an nàdair
  • Poileasaidh 4: Còraichean daonna agus co-ionannachd
  • Poileasaidh 5: Togail beairteas choimhearsnachdan
  • Poileasaidh 6: Dealbhachadh, càileachd agus àite
  • Poileasaidh 7: Còmhnaidh ionadail
  • Poileasaidh 8: Bun-structar an toiseach
  • Poileasaidh 9: Dachaighean barraichte
  • Poileasaidh 10: Còmhdhail sheasmhach
  • Poileasaidh 11: Teas agus fuarachadh
  • Poileasaidh 12: Bun-structar, cluiche agus spòrs gorm is uaine
  • Poileasaidh13: Cunnart-tuile agus rianachd-uisge sheasmhach
  • Poileasaidhean 14: Slàinte agus Sunnd
  • Poileasaidhean 15: Sàbhailteachd
  • Poileasaidh 16: Fearann agus aitreabh airson gnìomhachais agus cosnaidh
  • Poileasaidh 17: Turasachd sheasmhach
  • Poileasaidh 18: Cultar agus cruthachalachd
  • Poileasaidh 19: Lùth uaine
  • Poileasaidh 20: Sgudal Neoni
  • Poileasaidh 21: Àiteachas-uisge
  • Poileasaidh 22: Mèinnearan
  • Poileasaidh 23: Bun-structar digiteach
  • Poileasaidhean 24 gu 27: Àiteachan air leth
  • Poileasaidh 28: Maoin agus àiteachan eachdraidheil
  • Poileasaidh 29: Iomallan nam bailtean agus an crios uaine
  • Poileasaidh 30: Fearann bàn agus trèigte
  • Poileasaidh 31: Àiteachan dùthchail
  • Poileasaidh 32: Àiteachan nàdarrach
  • Poileasaidh 33: Mòine agus ùir làn carboin
  • Poileasaidh 34: Craobhan, fearann-coille agus coilltearachd
  • Poileasaidh 35: Costachan

Earrann 4 – A’ Lìbhrigeadh na Ro-innleachd againn mu Àiteachan

Thoir do bheachdan air molaidhean Riaghaltas na h-Alba gus NFP4 a lìbhrigeadh agus air an ìre dhan dèan iad mar a leanas:

    • feumalachdan a thaobh taigheadais a thoirt a-mach, gu sònraichte aig daoine nas sine agus daoine air a bheil ciorram; 
    • taic a chur ri oidhirpean amasan a thaobh brùchdadh gas nan taighean-glainne a thoirt a-mach; 
    • leasachadh a thoirt air slàinte is sunnd; 
    • sluagh a thoirt air ais gu sgìrean air an tuath; 
    • leasachadh a thoirt air co-ionannachd; agus 
    • "buaidhean deimhinneach airson bith-eugsamhlachd" fhaighinn
    • Eadar-ghnìomhachadh le ro-innleachdan eile aig Riaghaltas na h-Alba
    • Strì a chruthachadh le toraidhean eile agus cur an cèill mar a thèid an strì seo a rianachd
       
  • Ath-thaobhachadh Ghoireasan
  • Bun-structar an Toiseach
  • Lìbhrigeadh Leasachaidhean Nàiseanta
  • Poileasaidh Plana Leasachaidh agus Ro-innleachdail Roinneil mu Àiteachan
  • Dearcnachadh

Earrann 5 – Leas-phàipearan

Thoir do bheachdan air

  • Leas-phàipear A – Aithris toraidhean NPF4
  • Leas-phàipear B – àireamhan taigheadais

How to submit your views

Please submit your views using the online submission form, linked to below.

We welcome written views in English, Gaelic, Scots or any other language.

The call for views closes on Monday 10 January 2022.

Interests

  • Local Government