Bile na Croitearachd agus Cùirt an Fhearainn

Closes 5 Sep 2025

Opened 13 Jun 2025

Overview

Tha a’ Chomataidh Chùisean Dùthchail is Eileanan a’ coimhead air Bile na Croitearachd agus Cùirt an Fhearainn agus tha iad airson do bheachdan a chluinntinn.

Dè th' ann am Bile na Croitearachd agus Cùirt an Fhearainn?

Tha am Bile ann an dà phàirt—

Tha Pàirt 1 a’ dèanamh grunn atharrachaidhean gus dèiligeadh ri duilgheadasan leis an reachdas croitearachd a th’ ann mar-thà.  Cha dèanadh am Bile ath-leasachadh bunaiteach air reachdas croitearachd; tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum feumadh seo deasbad sònraichte.

Bhiodh Pàirt 2 a’ co-aonadh Cùirt an Fhearainn, a bhios a’ dèiligeadh ri cùisean eadar uachdarain agus luchd-gabhail fearann àiteachais, agus Tribiunal Fearainn na h-Alba, aig a bheil grunn dhleastanasan.

A’ cur beachd a-steach

Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan sgrìobhte ann am Beurla, Gàidhlig, Scots no cànan sam bith eile.

Mus cuir thu beachd a-steach, leugh ar n-Aithris Prìobhaideachd mu bhith a’ cur do bheachdan gu comataidh. Innsidh seo dhut mar a làimhsicheas sinn dàta pearsanta.

Thoir fa-near gun tèid an tagradh agad, sa mhòr-chuid de chùisean, fhoillseachadh air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba agus gur mathaid gun deigheadh a chleachdadh ann an aithisg na Comataidh no ann an coinneamhan comataidh (a bhios poblach agus air an craoladh).  Bu chòir dhut fios a chur chun na Comataidh mus dèan thu tagradh mura h-eil thu airson gun tèid fhoillseachadh.

Air sgàth na h-ùine a dh’fheumar airson fianais a phròiseasadh agus a sgrùdadh, cha ghabhar ri tagraidhean fadalach ach le aonta clàrc na comataidh.

Is e Dihaoine 5 Sultain 2025 an ceann-latha airson do bheachdan a chur a-steach.

Interests

  • RAI