Seirbheis Aiseagan a tha Nuadh is Seasmhach do dh’Alba – rannsachadh mòr air solar aiseagan an an Alba aig an àm seo agus agus san àm ri teachd
Sealladh Farsaing
Fhuair a’ Chomataidh athchuinge phoblach ag ràdh gun tàinig mar thoradh air cion earbsachd aiseagan call do dh’eaconamaidh nan eilean a tha an urra ri turasachd agus bacaidhean air siubhal do mhuinntir nan eilean, aig a bheil feum air seirbheisean a tha earbsach is cunbhalach.
Thug a’ Chomataidh fa-near gun robh ceistean mu cheanglaichean ri eileanan thairis air an fheadhainn air a bheilear a-mach anns an athchuinge. Dh’aontaich i gun fheumadh i sealltainn air seirbheisean aiseagan ann an seadh coileanta. Dh’aontaich a’ Chomataidh air 15 Màrt 2022 rannsachadh a chumail mu sheirbheisean aiseag.
Gabhaidh a’ Chomataidh beachd air:
Na tha a dhìth air eileanaich, gnìomhachasan, agus luchd-cleachdaidh aiseagan eile bho sheirbheisean aiseagan ris a bheil Riaghaltas na h-Alba a’ cur taic.
Na h-ullachaidhean institiuideach is maoineachaidh a riaraicheadh feumalachdan luchd-cleachdaidh nan aiseagan an-dràsta agus san àm ri teachd.
A’ mheudachd, an seòrsa, an cleachdadh soithich agus ullachaidhean a thaobh sgioba a b’ fheàrr a riaraicheadh na feumalachdan air an comharrachadh.
Raon-ùghdarrais
Ri linn an rannsachaidh, nì a’ Chomataidh ceangal ri luchd-cleachdaidh nan aiseagan gus deasbad mar as fheàrr a choileanas seirbheisean an cuid fheumalachdan. Leanaidh i na h-amasan a leanas:
- ceangal ri coimhearsnachdan air a bheil duilgheadasan le seirbheisean nan aiseagan a’ bualadh agus a’ bhuaidh a th’ aca seo a thuigsinn nas fheàrr, gu sònraichte air beatha nan eilean (gu h-àraidh, buaidh na sìde air seirbheisean, seasmhachd an t-sluaigh agus tàladh luchd-fuirich, cothrom air seirbheisean is gnìomhachasan bunaiteach)
- tuigse fhaighinn air a’ choltas a bu chòir a bhith air seirbheis aiseagan airson an latha an-diugh bho dhiofar sheallaidhean, bho luchd-fuirich, bho dhaoine fa leth agus bho ghnìomhachasan anns na h-eileanan agus air tìr-mòr
- beachd a ghabhail agus aire tharraing air a’ chleachdadh as fheàrr ann an solar is seirbheis aiseagan agus eisimpleirean bho iomairt phrìobhaideach no thall thairis
- Riaghaltas na h-Alba, luchd-obrachaidh is luchd-seilbhe a cheasnachadh agus sgrùdadh gu cùramach a bheil an cuid cho-dhùnaidhean is ro-innleachdan a chùm leas luchd-cleachdaidh sheirbheisean agus luchd-pàighidh chìsean
- cuideachadh gus cruth a chur air poileasaidhean is ro-innleachdan Riaghaltas na h-Alba air aiseagan agus comas-ceangail eileanan a bharrachd air modh-solair shoithichean san àm ri teachd
- feumalachdan is beachdan diofar bhuidhnean a chomharrachadh, gu sònraichte daoine òga agus daoine air a bheil ciorram
- sgrùdadh a chuimseachadh a rèir diofar fheumalachdan, shuidheachaidhean is fhuasglaidhean diofar eileanan is choimhearsnachdan
- cuideam measaidhean buaidhean eileanan gan dèanamh le ùghdarrasan buntainneach aithneachadh
- an cuideachadh a bheir còmhdhail do dh’amasan cothromachadh-carboin a thoirt a-steach dhan sgrùdadh ri linn an rannsachaidh.
Ceistean bunaiteach
Gus a’ Chomataidh a chuideachadh leis an rannsachadh aice, tha a’ Chomataidh a’ cumail Gairm airson Beachdan air grunn cheistean, nam measg:
-
- Dè tha a dhìth air luchd-fuirich is luchd-gnìomhachais nan eilean agus luchd-cleachdaidh aiseagan eile san ùine ghoirid, mheadhanaich is fhada bho sheirbheisean aiseagan ris a bheil Riaghaltas na h-Alba a’ cur taic ?
- A bheil na seirbheisean a th’ ann an-dràsta a rèir feumalachdan is seasmhachd coimhearsnachdan is gnìomhachasan anns na h-eileanan agus air an dùthaich gu h-iomallach? Tha seo a’ ghabhail a-steach solar cosnaidh thèarainte dhan fheadhainn ag obair ri seirbheisean nan
- A bheil na seirbheisean a th’ ann an-dràsta a’ toirt a-mach feumalachdan choimhearsnachdan is ghnìomhachasan air tìr-mòr, luchd-tadhail nam measg?
- A bheil feumalachdan mu sheirbheisean diofraichte aig amannan diofraichte den bhliadhna?
- Dè na feumalachdan as fheàrr a riaraichear le modhan eile de chòmhdhail, m. e. adhar, nuair a bhios cothrom air?
- Ciamar a bu chòir do Riaghaltas na h-Alba taic a chur ri seirbheisean aiseagan gan ruith le comhairlean?
- Ciamar a dh’fhaodas luchd-cleachdaidh nan aiseagan agus coimhearsnachdan sna h-eileanan a bhith an sàs ann an dèanamh cho-dhùnaidhean aig ìre ro-innleachdail is obrachaidh?
-
- Dè na h-ullachaidhean institiuideach is maoineachaidh as coltaiche a lìbhrigeadh pàtranan sheirbheisean, soithichean agus ullachaidhean a thaobh sgioba a choileanas feumalachdan luchd-cleachdaidh nan aiseagan an-dràsta agus math dh’fhaodte san àm ri teachd?
- An gabh an t-ullachadh eadar trì buidhnean a th’ ann an-dràsta (Còmhdhail Alba, Caledonian Maritime Assets Ltd (CMAL), Luchd-obrachaidh Aiseig) gus rianachd a dhèanamh air a’ chuid as motha de sheirbheisean nan aiseagan leasachadh?
- An gabh na h-ullachaidhean mu thairgsean an-dràsta leasachadh, m. e. tro dhì-phasgadh (unbundling) sheirbheisean?
- An gabh tabhartasan Riaghaltas na h-Alba cleachdadh nas fheàrr gus feumalachdan luchd-cleachdaidh nan aiseagan an-dràsta agus san àm ri teachd a riarachadh?
- A bheil na seirbheisean a th’ ann an-dràsta a’ toirt an luach as fheàrr do luchd-pàighidh chìsean?
- Dè a’ mheudachd, an seòrsa, an cleachdadh soithich agus ullachaidhean a thaobh sgioba a b’ fheàrr a riaraicheadh na feumalachdan a shònraich thu?
- Dè a’ mheudachd agus na seòrsaichean de shoithichean a tha a dhìth?
- Dè na seòrsaichean de shiostaman-gluasaid seasmhach (a’ gabhail a-steach cleachdadh lùtha agus gluasad gu siostam a tha ìseal a thaobh carboin) a bheireadh a-mach feumalachdan seirbheisean aiseagan?
- Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheil aiseagan a’ freagairt air goireasan chalaidhean?
- Dè an seòrsa de dh’àiteachan-fuirich air bòrd a tha a dhìth air an sgioba?
- Slatan-tomhais is modhan-obrach mu sholar an-dràsta: dè na neartan is na laigsean a th’ aca? A bheil iad gan daingneachadh mu choinneamh na h-ùine ri teachd gus teicneòlas ùr agus am feum air siubhal seasmhach le ìre ìseal de charbon a thoirt a-steach?
Mar a chuireas tu a-steach na beachdan agad
Nach cuir thu do chuid bheachdan a-steach a’ cur feum air an fhoirm air an Lìon, ris a bheil ceangal gu h-ìseal.
Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan sgrìobhte ann an Gàidhlig, sa Bheurla, ann an Scots no cànan sam bith eile.
Tha a’ ghairm airson beachdan a’ tighinn gu crìch 26 Lùnastal 2022.
Share
Share on Twitter Share on Facebook