Bile nan Cànan Albannach: Meòrachan Ionmhais

Page 1 of 6

Closes 1 Mar 2024

Mud dheidhinn fhèin

1. Leugh an aithris prìobhaideachd gu h-ìosal agus cuir tiog sa bhogsa gus sealltainn gu bheil thu a’ tuigsinn mar a thèid an dàta a bheir thu seachad a chleachdadh, mar a tha ga mhìneachadh sa phoileasaidh.

Aithris prìobhaideachd

Poileasaidh Prìobhaideachd

Aithris Prìobhaideachd BCPA

Tha an aithris prìobhaideachd seo a’ mìneachadh mar a bhios sinn a’ cruinneachadh agus a’ cleachdadh fiosrachadh pearsanta mud dheidhinn airson a’ phròiseis a leanas::

Cur do bheachdan gu comataidh

Faodaidh cuid den bhriathrachas a thathar a’ cleachdadh ann an aithrisean prìobhaideachd a bhith speisealach. Tha làrach-lìn Coimiseanair an Fhiosrachaidh a’ toirt seachad stiùireadh feumail air prìomh bhriathran agus bun-bheachdan

Adhbharan airson pròiseasadh

Tha na beachdan agus an t-eòlas agad deatamach do dh’obair comataidhean Pàrlamaid na h-Alba. Nuair a nì thu tagradh fiosrachaidh do chomataidh, cleachdaidh a’ Phàrlamaid seo mar fhianais gus an cuideachadh ann a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean agus molaidhean mu choileanadh Riaghaltas na h-Alba no raointean ùidh eile ann an raon-ùghdarrais na comataidh.

Nì sinn pròiseasadh cuideachd air fiosrachadh conaltraidh (m.e. do sheòladh puist-d) a bheir thu seachad leis an tagradh agad, oir cleachdaidh a’ Phàrlamaid seo gus bruidhinn riut mun tagradh agad no gus tuilleadh innse dhut mu obair na comataidh anns a bheil ùidh agad. Cha tèid d' fhiosrachadh conaltraidh fhoillseachadh leis an tagradh.

Seòrsaichean fiosrachaidh a thèid a phròiseasadh

Ma chuireas tu fianais gu comataidh, feumaidh Pàrlamaid na h-Alba am fiosrachadh conaltraidh agad gus an tagradh a phròiseasadh. Mar as trice, is e d’ ainm agus seòladh puist-d a bhios an seo. Uaireannan, dh’fhaodte gun iarr sinn seòladh puist ma gheibh sinn tagradh ann an cruth pàipeir, no àireamh fòn ma dh’fheumas sinn bruidhinn riut mun tagradh agad. Tha seo air a mheas mar dhàta pearsanta coitcheann de sheòrsa àbhaisteach personal data.  

A rèir dè na beachdan agus na h-eòlasan a thog thu, dh'fhaodte gum bi dàta pearsanta de sheòrsa sònraichte ann an susbaint an tagraidh agad.

Tha dàta pearsanta de sheòrsa sònraichte a’ toirt a-steach fiosrachadh mu neach ag innse:

  • cinneadh
  • tùs eitneach
  • beachdan poilitigeach no creideimh
  • beatha feise no taobhadh feise
  • ballrachd aonadh ciùird
  • slàinte cuirp no inntinn
  • dàta ginteil no beò-meatrach

Tional agus glèidheadh Dàta Pearsanta

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (BCPA) a’ pròiseasadh dàta pearsanta sam bith a chuireas tu thuca a rèir riatanasan Riaghailt Choitcheann Dìon Dàta na RA (UK GDPR) agus Achd an Dìon Dàta 2018 (DPA).  

Is e dàta pearsanta dàta a tha a’ buntainn ri neach beò ainmichte no a ghabhas aithneachadh. 

Cumaidh BCPA dàta pearsanta sam bith gu tèarainte, cha chleachd iad e ach airson nan adhbharan dhan deach a chruinneachadh agus cha toir iad seachad e gu treas pàrtaidhean ach le do chead no a rèir dleastanas laghail. 

Tuilleadh fiosrachaidh mu reachdas dìon dàta agus do chòraichean 

Tha an Còd Giùlain a’ cur tuilleadh dhleastanasan air a h-uile Ball de Phàrlamaid na h-Alba a thaobh mar a làimhsicheas iad stuth anns a bheil dàta pearsanta ri linn na h-obrach Comataidh aca.

Leugh an Còd Giùlain, Earrann 7

 

Tagraidhean sgrìobhte

Mar as trice, bidh comataidhean a’ cleachdadh Citizen Space, inneal didseatach treas-pàrtaidh, gus tagraidhean sgrìobhte a thional agus a sgrùdadh. Bidh daoine a' cur dàta pearsanta gu dìreach do chomataidhean tro Citizen Space.

Thèid iarraidh ort dearbhadh gu bheil thu air susbaint na h-aithris prìobhaideachd seo a leughadh agus a thuigsinn mus cuir thu fiosrachadh sam bith air Citizen Space.

Thèid am fiosrachadh a bheir thu seachad a’ cleachdadh Citizen Space a phròiseasadh le luchd-obrach Pàrlamaid na h-Alba. Is dòcha gun dèan luchd-obrach na Comataidh atharrachaidhean air dòigh taisbeanaidh an fhiosrachaidh a thug thu seachad mus tèid fhoillseachadh. Cha bhean iad ri brìgh susbaint an fhiosrachaidh a chuir thu a-steach.

Seach ma thèid gabhail ris an tagradh agad gun urra no ‘chan ann airson foillseachadh’ (faic gu h-ìosal), bidh am fiosrachadh gu lèir a chuireas tu air Citizen Space, a’ toirt a-steach do bheachdan, d’ ainm agus dàta pearsanta sam bith a thug thu seachad (ach chan e am fiosrachadh conaltraidh agad), uile air fhoillseachadh air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba. Faodar cuideachd anailis a dhèanamh air an tagradh agad, a’ gabhail a-steach d’ ainm, agus a chur an lùib a' gheàrr-chunntais, a bhios na phàirt den chlàr phoblach an ceann sreath.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na teirmichean is cumhaichean airson a bhith a’ cleachdadh Citizen Space anns an Aithris Prìobhaideachd aige

Uaireannan, gabhaidh a’ Chomataidh tagraidhean sgrìobhte nach deach a chur a-steach tro Citizen Space. Faodaidh seo a bhith mar sgrìobhainn Word no air pàipear. Nuair a tha am fiosrachadh seo ann an cruth ruigsinneach, thèid a luchdachadh suas agus fhoillseachadh air Citizen Space agus a shàbhaladh ann an clàran didseatach na Pàrlamaid. Is dòcha gum feum sinn an tagradh agad a chur ann an riochd iomchaidh mus foillsich sinn e. Cumaidh sinn am fiosrachadh tùsail agad agus am PDF ruigsinneach airson ar clàran. Dh'fhaodadh sinn am post-d agad a chumail cuideachd ma chuir thu fear thugainn. Tha barrachd fiosrachaidh air dè cho fada ’s a chumadh sinn am post-d agus an tagradh agad gu h-ìosal.

Riochd an tagraidh agad

Is e aon de phrionnsapalan stèidheachaidh Pàrlamaid na h-Alba a bhith fosgailte agus ruigsinneach. Nam b’ fheàrr leat an tagradh agad a thoirt seachad ann an riochd eile seach riochd sgrìobhte, faodaidh sinn gabhail ri tagraidhean air an lìbhrigeadh mar fhaidhlichean bhidio no claisneachd. Tha seo a’ gabhail a-steach tagraidhean ann an Cànan Soidhnidh Bhreatainn no cànan eile seach Beurla. Ma tha feum agad air cuideachadh le seo a dhèanamh, cuir fios gu info@parliament.scot

Ma chuireas tu an tagradh agad thugainn mar fhaidhle claisneachd no bhidio, nì sinn tar-sgrìobhadh/eadar-theangachadh sgrìobhte dheth gus a’ Chomataidh a chuideachadh gus beachdachadh air.  Thèid an tar-sgrìobhadh seo, agus an tagradh tùsail, a làimhseachadh agus fhoillseachadh còmhla mar aon tagradh a rèir na h-aithris prìobhaideachd seo, mura h-iarrar a chaochladh.  Glèidhidh sinn do bhidio no faidhle claisneachd agus an t-eadar-theangachadh/tar-sgrìobhadh ann an cruth dealanach tèarainte.  Dh’fhaodadh BCPA an t-susbaint a bheir thu dhuinn a cho-roinn leis an t-seirbheis eadar-theangachaidh no tar-sgrìobhaidh treas-pàrtaidh againn (mar a bhios iomchaidh) gus eadar-theangachadh no tar-sgrìobhadh den bhidio no faidhle claisneachd agad fhaighinn. 

Bunait laghail airson pròiseasadh

Tha lagh dìon dàta ag ràdh gum feum bunait laghail a bhith againn airson an dàta pearsanta agad a làimhseachadh. Is e a’ bhunait laghail airson an dàta pearsanta agad a thional, a ghlèidheadh, a roinn agus fhoillseachadh gu bheil am pròiseasadh riatanach gus obair a dhèanamh airson math a’ phobaill (airson dàta de sheòrsa àbhaisteach) no math susbainteach a' phobaill (airson dàta de sheòrsa sònraichte) a rèir Art 6(1)(e) UK GDPR agus earrann 8(d) DPA (airson dàta de sheòrsa àbhaisteach) no Art 9(2)(g) UK GDPR agus earrann 10(3) agus paragraf 6(2)(b) ann am pàirt 2, de sgeideal 1 den DPA (airson dàta de sheòrsa sònraichte).  

Tha seo a’ ciallachadh ma cho-dhùineas tu dàta pearsanta sam bith a thoirt dhuinn ann an tagradh, ge bith dè an riochd a th’ air, tha bunait laghail againn am fiosrachadh sin a chleachdadh agus fhoillseachadh agus chan fheum sinn do chead airson sin a dhèanamh. 

Ma tha an neach a tha a’ cur a-steach fianais fo aois 12, iarraidh sinn air pàrant no neach-glèidhidh an neach òig dearbhadh gu bheil iad toilichte gun toir an neach òg an cuid fianais dhuinn anns an riochd a thagh iad.  

Bidh susbaint an tagraidh agad na chlàr poblach agus dh'fhaodte a ghluasad gu Clàran Nàiseanta na h-Alba. Is e a’ bhunait laghail airson seo gu bheil e riatanach air adhbharan tasglainn airson math a’ phobaill a rèir Art 6(1)(e) UK GDPR agus earrann 8(d) DPA no, airson dàta de sheòrsa sònraichte, Art 9(2)(j) GDPR na RA, agus earrann 10(2) agus paragraf 4 de Sgeideal 1 den DPA.  

Ann an cuid de shuidheachaidhean tha cumhachd reachdail aig comataidhean Pàrlamaid na h-Alba fo Achd na h-Alba 1998 iarraidh air daoine sgrìobhainnean a thoirt seachad no a bhith an làthair gus fianais a thoirt seachad. Is e a’ bhunait laghail airson a bhith a’ pròiseasadh dàta pearsanta anns na suidheachaidhean seo gu bheil e riatanach gus obair a dhèanamh airson math a’ phobaill a rèir Art 6(1)(e) UK GDPR agus earrann 8(d) DPA no, airson dàta de sheòrsa sònraichte, Art 9(2)(g) UK GDPR, agus earrann 10(3) agus paragraf 6(2)(b) ann am pàirt 2 de Sgeideal 1 den DPA. Ma thèid fios foirmeil a thoirt seachad fo na cumhachdan sin, tha e na eucoir gun a bhith a’ gèilleadh.  

A’ bhunait laghail airson d’ fhiosrachadh conaltraidh a phròiseasadh

Is e a’ bhunait laghail airson a bhith a’ tional agus a’ glèidheadh an dàta phearsanta agad airson liosta conaltraidh na comataidh gu bheil e riatanach airson gnìomh a dhèanamh gu math a’ phobaill, Art 6(1)(e) UK GDPR agus earrann 8(d) de dh’Achd Dìon Dàta 2018 (DPA).  

Is e an gnìomh conaltradh leantainneach a dhèanamh comasach eadar luchd-ùidh agus na comataidhean a tha na phàirt de phrìomh dhleastanas BCPA agus a tha mar sin na dhleastanas a’ Chrùin a rèir earrann 8(d) DPA. Ach, faodaidh tu dì-chlàradh bhon liosta conaltraidh aig àm sam bith, agus bhon àm sin sguiridh sinn a’ làimhseachadh an dàta phearsanta agad (faic gu h-ìosal, fo “Glèidheadh dàta pearsanta”). 

Foillseachadh do bheachdan

Is e aon de phrionnsapalan stèidheachaidh Pàrlamaid na h-Alba a bhith follaiseach agus fosgailte. Tha e na chleachdadh àbhaisteach don chomataidh do thagradh fhoillseachadh air an duilleag-lìn aca air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba. Mar as trice, thèid d’ ainm agus fiosrachadh aithneachaidh sam bith bho shusbaint an tagraidh agad fhoillseachadh, mura h-eil thu air iarraidh gu sònraichte gun tèid an tagradh a dhèanamh ann an riochd neo-àbhaisteach (faic gu h-ìosal). Nuair a bhios na tagraidhean rim faighinn gu poblach, faodaidh a’ chomataidh cuideachd beachdachadh orra aig coinneamhan no an cleachdadh mar eisimpleir de bheachd ann an aithisgean sgrìobhte. 

Uaireannan, faodaidh a’ chomataidh gabhail ri tagraidhean a tha gun urra no dìomhair. Tha seo a’ ciallachadh gun dèan sinn pròiseasadh air d’ fhiosrachadh ann an riochd neo-àbhaisteach. Ma dh’iarras tu gun tèid dèiligeadh ris an tagradh agad gun urra, nì a’ chomataidh co-dhùnadh am bu chòir gabhail ris an tagradh agad air a’ bhunait sin.

Ma thèid gabhail ris an tagradh agad air a’ bhunait sin, bidh e a’ ciallachadh gun tèid d’ ainm, fiosrachadh conaltraidh agus fiosrachadh aithneachaidh sam bith bhon t-susbaint a sguabadh às mus tèid e air-loidhne. Cha bhiodh pàirt sam bith de fhreagairt a rinn thu, no iomradh air gin de na freagairtean no na beachdan agad air a cheangal ri d’ ainm. Ach, thèid an tagradh a sgaoileadh gu h-iomlan gu buill na comataidh agus faodaidh luchd-obrach iomchaidh BCPA fhaicinn agus ’s dòcha luchd-obrach bho oifisean Buill comataidh.

Ma tha thu air an tagradh agad a thoirt seachad mar fhaidhle bhidio no claisneachd agus gun do dh’iarr thu gum biodh an tagradh agad gun urra, agus gu bheil a’ chomataidh a’ gabhail ris an iarrtas sin, dh’fhoillsicheadh sinn dìreach an tar-sgrìobhadh den tagradh agad.

Mura h-eil thu airson gun tèid an tagradh agad fhoillseachadh, faodaidh tu iarraidh gun tèid dèiligeadh ris an tagradh agad mar fhreagairt ‘dhìomhair’ (chan ann airson foillseachadh). Cha ghabhar ri iarrtasan mar seo ach fìor ainneamh. Ann an leithid de chùisean cha bhiodh an tagradh air fhoillseachadh air-loidhne no air ainmeachadh ann an aithisg comataidh sam bith agus cha deigheadh fhaicinn ach le luchd-obrach iomchaidh BCPA, Buill na Comataidh agus is dòcha luchd-obrach bho oifisean Buill na Comataidh.

Ma tha thu airson iarraidh gun tèid gabhail ris an tagradh agad gun urra no ‘gun fhoillseachadh’, bu chòir fios a chur gu clàrcan na comataidh mus cuir thu a-steach e.

Is i a’ chomataidh a cho-dhùineas an tèid gabhail ri do bheachdan gun urra neo mar fhreagairt ‘gun foillseachaidh’. Ma dhiùltas a’ chomataidh d’ iarrtas airson do thagradh a làimhseachadh san dòigh a dh’iarr thu, faodaidh tu roghnachadh an tagradh agad a tharraing air ais aig an ìre sin no obrachadh còmhla ri clàrcan na comataidh gus an tagradh agad atharrachadh gus am bi e ann an riochd a tha thu deònach a chur a-steach airson foillseachadh.

Cur a-steach susbaint ann an diofar riochdan is chànanan

Ma tha thu air do bheachdan a chur a-steach mar shusbaint claisneachd no bhidio no ann an cànan eile seach Beurla agus gu bheil thu airson ceist a thogail mun dòigh anns an deach do shusbaint ath-sgrìobhadh no eadar-theangachadh, no nam b’ fheàrr leat do shusbaint fhoillseachadh ann an dòigh shònraichte, no ma dh’èireas cùisean sam bith eile a thaobh cruth an tagraidh agad, innis do chlàrcan na comataidh a làimhsicheas na cùisean sin a rèir gach cùis ma seach.  Ma tha beachd sònraichte agad air mar a thèid an tagradh agad fhoillseachadh ann an riochd neo-àbhaisteach mar a chaidh ainmeachadh gu h-àrd, innis dhuinn mu dheidhinn seo nuair a chuireas tu do thagradh a-steach.

A thaobh susbaint bhidio is claisneachd, bi mothachail ma thèid an cruth tùsail agad a chleachdadh an cois tar-sgrìobhadh/eadar-theangachadh sgrìobhte dheth, gum bi d’ ìomhaigh agus/no do ghuth air am foillseachadh air an làrach-lìn againn, air a roinn gu poblach agus air a ghlèidheadh mar chlàr eachdraidheil. Nam b’ fheàrr leat gun cleachd sinn an tar-sgrìobhadh/eadar-theangachadh sgrìobhte a-mhàin agus gun a bhith a’ foillseachadh no a’ cleachdadh an tagradh bhidio no claisneachd tùsail agad air dhòigh eile, leig fios dhuinn.

Amannan nuair nach foillsich sinn do bheachdan 

Dh’fhaodadh gum bi corra shuidheachadh ann far am faod sinn roghnachadh gun an fhianais agad fhoillseachadh no gum feum sinn a dheasachadh mus tèid fhoillseachadh airson adhbharan practaigeach no laghail. Mar eisimpleir, nuair a tha sinn air àireamh anabarrach mòr de thagraidhean fhaighinn no far am faigh sinn tagraidhean a tha uile ag ràdh an aon rud no faisg air an aon rud. Anns a’ chùis sin, mar as trice cha bhiodh sinn a’ foillseachadh ach liosta de dh’ainmean nan daoine a chuir am beachdan a-steach.   

Is dòcha gum feum sinn an tagradh agad a dheasachadh no iarraidh ort an tagradh agad atharrachadh mas urrainnear neach beò eile aithneachadh bhuaithe nach tug seachad aonta sònraichte airson fiosrachadh mun deidhinn fhoillseachadh gu poblach. Anns an t-suidheachadh seo, faodaidh gum bi cothrom aig Buill na Comataidh air susbaint iomlan an tagraidh agad fhaicinn, fiù ged nach tèid fhoillseachadh gu h-iomlan. 

Chan fhoillsich Pàrlamaid na h-Alba aithrisean no stuthan cliù-mhillteach ann an tagraidhean. Tha seo a’ ciallachadh ma chuireas tu a-steach beachdan mu neach sònraichte a dh’fhaodadh a bhith air a mheas cronail agus ceàrr, gun till sinn thugad gus na beachdan a dhearbhadh no an sguabadh às. Anns an t-suidheachadh seo, ma thèid an fhianais a thilleadh thugainn le stuth ann fhathast a tha sinn a’ meas a dh’fhaodadh a bhith cliù-mhillteach, dh’fhaodadh nach beachdaich a’ chomataidh air agus gun tèid a thoirt às na siostaman againn.

Ma tha thu air tagradh bhidio no claisneachd a dhèanamh anns a bheil fiosrachadh mu neach beò eile is dòcha gun iarr sinn ort bhidio no faidhle claisneachd ùr a chur a-steach oir chan urrainn dhuinn am fiosrachadh fo cheist a thoirt às. Faodaidh sinn cuideachd iarraidh ort an tagradh bhidio no claisneachd agad atharrachadh agus a chur a-steach a-rithist ma thathas den bheachd gu bheil aithrisean cliù-mhillteach ann. 

Cleachdadh innealan didseatach eile

Smart Survey

Tha cead aig Pàrlamaid na h-Alba Smart Survey a chleachdadh, a tha na shiostam sgrùdaidh air-loidhne treas-pàrtaidh, a leigeas le Pàrlamaid na h-Alba tagraidhean fianais sgrìobhte a chruinneachadh agus a sgrùdadh. Tha Smart Survey stèidhichte san RA agus tha e fo smachd riatanasan reachdas dìon dàta.

Poileasaidh prìobhaideachd airson Smart Survey

An aithris prìobhaideachd againn airson luchd-cleachdaidh Smart Survey

Bidh Pàrlamaid na h-Alba cuideachd a’ cleachdadh Your Priorities, a tha na inneal didseatach airson beachdan a chruinneachadh.

An aithris prìobhaideachd againn airson Your Priorities

Glèidheadh agus co-roinn dàta pearsanta  

Bidh susbaint an tagraidh agad mar phàirt den chlàr phoblach agus cuidichidh e le cruthachadh na bunait fianais air am bi Buill Pàrlamaid na h-Alba a’ dèanamh cho-dhùnaidhean. Nochdaidh tagraidhean àbhaisteach agus gun urra air an làrach-lìn. Bidh fiosrachadh pearsanta ann an clàr poblach air a chumail a rèir poileasaidh rianachd chlàran Pàrlamaid na h-Alba agus faodar a ghluasad gu tasglann Pàrlamaid na h-Alba aig Clàran Nàiseanta na h-Alba (NRS) far am bi e ri fhaighinn don phoball. Thèid dreachdan tùsail, neo-atharraichte de thagraidhean dìomhair agus gun urra anns a bheil dàta pearsanta a ghlasadh mus tèid an gluasad gu NRS agus cha bhi iad fosgailte don phoball airson ùine suas ri 100 bliadhna.

Bidh fiosrachadh pearsanta a thèid a chur a-steach tro Citizen Space ga chumail air an ùrlar dhidseatach airson mìos às dèidh do ghairm bheachdan na co-chomhairle a bhith dùinte no gus an tig rannsachadh na comataidh gu crìoch.

Faodar d’ ainm agus fiosrachadh conaltraidh a chur ri liosta-conaltraidh na comataidh gus am faigh thu fios air toradh gnothach na comataidh ris an do rinn thu tagradh.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh anns an aithris prìobhaideachd againn airson liosta conaltraidh Oifis na Comataidh

Ùidh bho na meadhanan

Is dòcha cuideachd gun iarr na meadhanan air daoine agus buidhnean a chuireas tagradh gu comataidh pàirt a ghabhail ann an agallamhan. Ma thachras seo, thèid fiosrachadh conaltraidh an neach-naidheachd a thoirt dhut agus bidh e an urra riut fhèin co-dhùnadh a bheil thu airson fios a chur thuca agus aontachadh pàirt a ghabhail.  

Ma cho-dhùineas tu agallamh a dhèanamh leis na meadhanan no a bhith nad phàirt de sgrùdadh cùise, faodaidh manaidsear conaltraidh BCPA conaltradh a dhèanamh leis an neach-naidheachd. Nuair a bhios an t-agallamh/craoladh deiseil agus obair na comataidh seachad, thèid am fiosrachadh conaltraidh agad a sguabadh gu tèarainte à frithealaiche-lìn BCPA (mura h-eil thu airson a bhith air an liosta conaltraidh). Ma dh’iarras neach-naidheachd am fiosrachadh conaltraidh agad, cha tèid a thoirt seachad ach le do chead.  

Bidh sgrùdadh cùise no agallamh mheadhanan sam bith a nì thu ri fhaighinn gu poblach air na meadhanan iomchaidh no ùrlar craolaidh.

Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) (2002)

Tha dleastanasan reachdail air a’ Phàrlamaid fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002. Dh’fhaodadh seo buaidh a thoirt air an dòigh san dèilig sinn ris an fhianais agad. Gu sònraichte, bu chòir dhut a bhith mothachail ma gheibh sinn iarrtas fiosrachaidh fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002, gur dòcha gun tèid iarraidh oirnn, fon lagh, am fiosrachadh a thoirt don neach a rinn an t-iarrtas – is dòcha eadhon nuair a tha comataidh air aontachadh dèiligeadh ris an fhiosrachadh gu lèir no ann am pàirt ann an dìomhaireachd, no fhoillseachadh gun urra. Tha cuid de shaoraidhean an sàs fo reachdas Saorsa an Fhiosrachaidh, a’ gabhail a-steach saoradh airson dàta pearsanta, nach fheum sinn a thoirt do neach-iarrtais.

Ann an suidheachadh mar seo, ged as urrainn dhuinn gealltainn dhut nach tèid an tagradh no an t-ainm agad a sgaoileadh chun phobaill ann an co-theacs obair làithreach na comataidh iomchaidh, chan urrainn dhuinn làn ghealladh a thoirt dhut nach tèid an tagradh slàn fhoillseachadh san àm ri teachd mar fhreagairt do iarrtas saorsa fiosrachaidh.

Faire cloinne is dhaoine òga agus dìon cloinne

A’ cumail ris na prionnsapalan a tha air cùl an Stiùiridh Nàiseanta airson Dìon Cloinne ann an Alba (2014), a chaidh fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba, faodaidh an luchd-obrach againn fios a chur air na h-ùghdarrasan iomchaidh ma thig iad tarsainn air cùis rè an cuid obrach a bheir orra smaoineachadh gum faodadh pàiste suas gu aois 18 a bhith ann an cunnart droch dhìol no cron.   

Do chòraichean

Tha reachdas dìon dàta a’ mìneachadh nan còraichean a tha aig daoine fa leth a thaobh dàta pearsanta a tha rianadair dàta a’ cumail mun deidhinn.

Tha còraichean buntainneach air an liostadh gu h-ìosal.  Faodaidh tu do chòraichean dàta a chleachdadh ann an suidheachaidhean sònraichte a rèir an adhbhair a tha an rianadair dàta a’ pròiseasadh an dàta agus a’ bhunait laghail air a bheil am pròiseasadh a’ tachairt.  

Faodaidh na còraichean a leanas a bhith an sàs:

Cothrom air an fhiosrachadh agad

Tha a’ chòir agad leth-bhreac iarraidh den fhiosrachadh phearsanta a tha againn mud dheidhinn.   

Tuilleadh fiosrachaidh air mar a nì thu “iarrtas cothrom air fiosrachadh cuspair” dìon dàta

A’ ceartachadh d' fhiosrachaidh

Tha a’ chòir agad iarraidh oirnn an dàta pearsanta a tha againn mud dheidhinn a cheartachadh. Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh pearsanta agad ceart, coileanta agus mionaideach agus faodaidh tu iarraidh oirnn fiosrachadh pearsanta sam bith mud dheidhinn a cheartachadh a tha thu a’ creidsinn nach eil e a’ coinneachadh ris na h-inbhean sin.

A’ cur an aghaidh mar as urrainn dhuinn d’ fhiosrachadh a chleachdadh

Tha a’ chòir agad aig àm sam bith iarraidh oirnn sgur a bhith a’ cleachdadh d’ fhiosrachaidh phearsanta airson adhbharan margaidheachd dhìreach. A bharrachd air sin, far am bi sinn a’ cleachdadh d’ fhiosrachaidh phearsanta airson ghnìomhan a tha gu math a’ phobaill, ma dh’iarras tu oirnn sgur, nì sinn sin mura h-eil adhbharan dligheach, fìor làidir ann airson leantainn air adhart. 

  • thoir an aire nach eil a’ chòir cur an aghaidh pròiseasadh dàta pearsanta a’ buntainn ma tha cuspair an dàta air cead a thoirt don phròiseasadh, le ùmhlachd don chòir cead a tharraing air ais
  • tha a’ chòir a bhith a’ cur an aghaidh pròiseasadh dàta pearsanta a tha ga dhèanamh airson math a’ phobaill air a chuingealachadh ma tha adhbharan dligheach ann airson pròiseasadh a tha a’ dol thairis air math cuspair an dàta.
  • chan eil a’ chòir air dàta a sguabadh às agus a’ chòir cur an aghaidh pròiseasadh dàta pearsanta a’ buntainn nuair a tha dàta pearsanta air a phròiseasadh airson dleastanas laghail a choileanadh. Thèid beachdachadh air seo a rèir gach cùis fa leth agus bidh e an urra ri dè an dàta pearsanta a tha na lùib agus na cunnartan a dh’fhaodadh a bhith ann dhut le tuilleadh pròiseasaidh den dàta sin. 

Sguabadh às an fhiosrachaidh agad

Tha a’ chòir agad iarraidh oirnn fiosrachadh pearsanta mu do dheidhinn a sguabadh às sna suidheachaidhean a leanas:

  • tha thu den bheachd nach eil feum againn air an fhiosrachadh tuilleadh airson nan adhbharan a fhuaras e
  • tha sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh sin le do chead agus tha thu air do chead a tharraing air ais – faic Tarraing air ais cead airson d’ fhiosrachadh a chleachdadh gu h-ìosal
  • tha thu air gearan dligheach a chur an aghaidh ar cleachdadh den fhiosrachadh phearsanta agad – faic A’ cur an aghaidh mar as urrainn dhuinn d’ fhiosrachadh a chleachdadh gu h-àrd
  • tha ar cleachdadh den fhiosrachadh phearsanta agad an aghaidh an lagha no ar dleastanasan laghail eile
  • thoir fa-near nach eil a’ chòir a tha a’ ceadachadh dàta pearsanta a sguabadh às (còir a bhith air a dhìochuimhneachadh) a’ buntainn ri cùisean far a bheil dàta pearsanta air a phròiseasadh airson gnìomh a choileanadh a tha gu math a’ phobaill
  • chan eil a’ chòir air dàta a sguabadh às agus a’ chòir cur an aghaidh pròiseasadh dàta pearsanta a’ buntainn nuair a tha dàta pearsanta air a phròiseasadh airson dleastanas laghail a choileanadh. Thèid beachdachadh air seo a rèir gach cùis fa leth agus bidh e an urra ri dè an dàta pearsanta a tha na lùib agus na cunnartan a dh’fhaodadh a bhith ann dhut le tuilleadh pròiseasaidh den dàta sin.


Cuingealachadh mar as urrainn dhuinn d’ fhiosrachadh a chleachdadh

Ann an cuid de chùisean, faodaidh tu iarraidh oirnn cuingealachadh a dhèanamh air mar a chleachdas sinn am fiosrachadh pearsanta agad. Dh’fhaodadh a’ chòir seo buntainn, mar eisimpleir, far a bheil sinn a’ sgrùdadh neo-mhearachdachd an fhiosrachaidh phearsanta mud dheidhinn a tha againn no a’ measadh dligheachd gearan sam bith a rinn thu a thaobh ar cleachdadh den fhiosrachadh agad. Dh’fhaodadh a’ chòir buntainn cuideachd far nach eil bunait ann tuilleadh airson d’ fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh, ach nach eil thu airson gun sguab sinn às an dàta. Far a bheil a’ chòir seo air a cleachdadh gu dligheach, chan fhaod sinn am fiosrachadh pearsanta buntainneach a chleachdadh ach le do chead, airson tagraidhean laghail no far a bheil adhbharan math a’ phobaill eile ann airson sin a dhèanamh.

Cuir fios thugainn ann an gin de na dòighean a tha air am mìneachadh gu h-ìosal ma tha thu airson gin de na còraichean sin a chleachdadh.

Tarraing air ais cead airson d’ fhiosrachadh a chleachdadh

Far an cleachd sinn am fiosrachadh pearsanta agad le do chead, faodaidh tu an cead sin a tharraing air ais aig àm sam bith agus sguiridh sinn a chleachdadh d’ fhiosrachaidh phearsanta airson nan adhbharan dhan tug thu cead seachad.

Cuir fios thugainn ann an gin de na dòighean a tha air am mìneachadh gu h-ìosal ma tha thu airson gin de na còraichean sin a chleachdadh.

Atharrachaidhean air an aithris phrìobhaideachd againn 

Nì sinn ath-sgrùdadh cunbhalach air an aithris prìobhaideachd seo agus cuiridh sinn ùrachadh sam bith air an làrach-lìn seo.  Faodar lethbhreac pàipeir den aithris prìobhaideachd fhaighinn cuideachd a’ cleachdadh an fhiosrachadh conaltraidh gu h-ìosal.  

Chaidh an aithris prìobhaideachd seo ùrachadh mu dheireadh air 1 Ògmhios 2021.

Gearanan

Bidh sinn a’ feuchainn ri fuasgladh dìreach fhaighinn air a h-uile gearan mu mar a làimhsicheas sinn fiosrachadh pearsanta ach tha a’ chòir agad cuideachd gearan a chur a-steach gu Oifis Coimiseanair an Fhiosrachaidh.

No air fòn aig: 0303 123 1113

Fiosrachadh conaltraidh agus tuilleadh comhairle

Ma tha ceist sam bith eile agad mun dòigh sa bheil sinn a’ làimhseachadh dàta pearsanta, no mu mar a chleachdas tu do chòraichean, cuir fios don Cheannard Riaghladh Fiosrachaidh aig:
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP
Fòn: 0131 348 6913

(Thathar a’ cur fàilte air gairmean a’ cleachdadh seirbheis Text Relay no ann an Cànan Soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL.)

Post-d: dataprotection@parliament.scot

Cuir fios thugainn ma tha fiosrachadh a dhìth ort ann an cànan neo cruth eile.

(Required)
2. Mar a thèid do fhreagairt fhoillseachadh

Tuilleadh fiosrachaidh mu fhoillseachadh do bheachdan

Foillseachadh do bheachdan

Is e aon de phrionnsapalan stèidheachaidh Pàrlamaid na h-Alba a bhith follaiseach agus fosgailte. Tha e na chleachdadh àbhaisteach don Chomataidh do thagradh fhoillseachadh air an duilleag-lìn aca air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba. Nuair a bhios na tagraidhean rim faighinn gu poblach, faodaidh a’ Chomataidh cuideachd beachdachadh orra aig coinneamhan no an cleachdadh mar eisimpleir de bheachd ann an aithisgean sgrìobhte. Cha tèid fiosrachadh conaltraidh (m.e. do sheòladh puist-d) an cois do fhreagairt fhoillseachadh, ach faodaidh a’ Phàrlamaid a chleachdadh gus fios a chur thugad mun fhreagairt agad no gus tuilleadh fiosrachaidh a thoirt dhut mu obair na Comataidh anns a bheil ùidh agad. Faodar barrachd fiosrachaidh a lorg ann an cur a-steach do bheachdan gu aithris prìobhaideachd comataidh.

Uaireannan, faodaidh a’ Chomataidh gabhail ri tagraidhean a tha gun urra (gun ainm nan cois). Tha e an urra ris a’ Chomataidh aontachadh am bu chòir gabhail ris an tagradh agad air a’ bhunait seo.

Faodaidh a’ Chomataidh cuideachd, bho àm gu àm, gabhail ri tagraidhean gu dìomhair (‘chan ann airson fhoillseachadh’). Ma tha thu airson iarraidh gun tèid do bheachdan a làimhseachadh gun urra no gu dìomhair, cuir fios chun na Comataidh mus cuir thu tagradh a-steach.

Is i a’ Chomataidh a chanas, aig a' cheann thall, an tèid gabhail ri do bheachdan gun urra neo mar fhreagairt nach bu chòir fhoillseachadh. Ma dhiùltas a’ Chomataidh an t-iarrtas agad airson an tagradh agad a làimhseachadh ann an dòigh neo-àbhaisteach, faodaidh tu roghnachadh an tagradh agad a tharraing air ais aig an ìre sin.

Amannan nuair nach foillsich sinn do bheachdan 

Dh’fhaodadh gum bi corra shuidheachadh ann far an roghnaich sinn gun an fhianais agad fhoillseachadh no gum feum sinn a dheasachadh mus tèid fhoillseachadh airson adhbharan practaigeach no laghail. Mar eisimpleir, nuair a tha sinn air àireamh anabarrach mòr de thagraidhean fhaighinn no far am faigh sinn tagraidhean a tha uile ag ràdh an aon rud no faisg air an aon rud. Anns a’ chùis sin, mar as trice cha bhiodh sinn a’ foillseachadh ach liosta de dh’ainmean nan daoine a chuir am beachdan a-steach.

Air neo, is dòcha gum feum sinn fiosrachadh a dheasachadh mas urrainnear neach beò eile aithneachadh bhuaithe nach tug seachad aonta sònraichte airson fiosrachadh mun deidhinn fhoillseachadh gu poblach. Anns an t-suidheachadh sin, faodaidh gum bi cothrom aig Buill na Comataidh susbaint iomlan an tagraidh agad fhaicinn, fiù ged nach tèid fhoillseachadh gu h-iomlan. Chan fhoillsich Pàrlamaid na h-Alba aithrisean no stuthan cliù-mhillteach ann an tagraidhean. Tha seo a’ ciallachadh ma chuireas tu a-steach beachdan mu chuideigin a dh’fhaodadh a bhith air am meas cronail agus ceàrr, gun till sinn thugad gus na beachdan seo a dhearbhadh no a sguabadh às no a dhubhadh a-mach. 

Mura h-eil thu ag iarraidh gun tèid do fhreagairt fhoillseachadh gu h-iomlan agus gu bheil thu airson bruidhinn mu na roghainnean agad, cuir fios chun na Comataidh mus cuir thu tagradh
a-steach: ecyp.committee@parliament.scot

3. Dè an t-ainm a th’ ort?
4. Dè an seòladh puist-d a th’ agad?

Ma chuireas tu a-steach do sheòladh puist-d gheibh thu post-d aithneachaidh gu fèin-ghluasadach nuair a chuireas tu a-steach do fhreagairt.

5. A bheil thu a’ freagairt mar neach fa leth no às leth buidhne?
(Required)